HITRANS a' coimhead air seirbheisean còmhdhail do dh'euslaintich

Plèana
  • Air fhoillseachadh

Tha a' bhuidheann HITRANS a' dol a chur air dòigh plana gnìomha mu sheirbheisean còmhdhail do dh' euslaintich air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Thàinig seo is trioblaidean air a bhith ann tric le feadhainn a bha a' siubhal gus dotair fhaicinn no a' tilleadh dhachaigh is maill a' dol orra.

A thuilleadh air sin, dh'innis aithisg a chaidh air beulaibh NHS nan Eilean Siar san Dùbhlachd gu bheil seirbheisean còmhdail "truagh" a' toirt buaidh air slàinte euslainteach is a' cur gu mòr ri cosgaisean.

Chaidh iarraidh air HITRANS le Rùnaire na Slàinte is Rùnaire na Còmhdhail plana a dhealbh gus piseach a thoirt air an t-suidheachadh.

"Tha e air a bhith na thrioblaid bho chionn grunn mhòr bhliadhnaichean mar a thathar a' tarraing tòrr de na seirbheisean a-staigh chun a' mheadhain. Chan eil tòrr de na seirbheisean a bh' againn anns na h-ospadalan anns na h-Eileanan, chan eil iad cho paillt a-nise is feumaidh daoine gluasad", thuirt cathraiche HITRANS, an Comh Ùisdean Robasdan.

"Tha sinn air a bhith a' faicinn ciamar as fheàrr obrachadh eadar slàinte is còmhdhail is tha e air a bhith na dhuilgheadas mòr", thuirt e.

Chuala bòrd HITRANS aig coinneimh Dihaoine gun cosg an rannsachadh £10,000.

Tha dùil gun tòisich obair air a' phlana a dh'aithghearr.