Stailc aig Dùnrath Diciadain

DùnrathTùs an deilbh, Getty
  • Air fhoillseachadh

Thèid luchd-obrach aig ionad niùclasach Dhùnrath air stailc Diciadain ann an eas-aonta mu phàigheadh.

Thàinig seo is buill bhon aonadh Unite air an tairgse as ùire bho luchd-fastaidh a dhiùltadh.

Tha baileatan a' dol air adhart cuideachd am measg luchd-obrach ann an aonaidhean an GMB is Prospect.

Bha a' bhuidheann NRS, a tha a' ruith na làraich, air suim £500 a thabhainn do luchd-obrach a thuilleadh air àrdachadh 4.5%.

Bhòt 92% de bhallrachd Unite aig an làraidh is chuir 80% an aghaidh na tairgse.

Thuirt Unite gum bi stailc ann Diciadain is tè eile air an 29mh den Chèitean, is gu bheil iad ag ullachadh airson làithean eile fhoillseachadh.

Bidh buill Unite cuideachd a' diùltadh uairean a bharrachd obrachadh bho Dhiciadain.

Bha dùil roimhe ri dà là stailc aig an làraich air a' mhìos seo ach chaidh an cur dheth gus leigeil le còmhraidhean a dhol air adhart.

Tha 1,200 duine ag obair aig Dùnrath is tha an t-eas-aonta a' toirt buaidh air a' mhòr-chuid dhuibh.

Tha an t-ionad an-dràsta ga thoirt às a' chèile.